An Ceathramh Bùth-obrach Teicneòlas Cànain Cheiltich
Air a cho-shuidheachadh le LREC 2022 ann am Marseille, san Fhraing
Tuairisgeul
Tha innleachdan rannsachaidh Teicneòlas Cànain agus Cànanachas Coimpiutaireachd anns na bliadhnachan mu dheireadh air tòrr innealan agus goireasan coimpiutaireachd ùr-nodha a thoirt dhuinn airson iomadach cànan. Bidh innealan cànain bunaiteach (m.e. dearbhadairean litreachaidh is gràmair) am measg shiostaman eadar-ghnìomhach (m.e. Siri), a bharrachd air goireasan mar chorpasan mòra, uile a’ tighinn còmhla gus toraidhean agus seirbheisean a thoirt gu buil a chuireas ri ar beatha làitheil.
Gus o chionn ghoirid, cha mhòr nach robh cànanan leithid cànanan Ceilteach, le àireamhan nas lugha de luchd-labhairt, air buannachd fhaighinn bho aire san raon seo. Ach, tha dòighean ùra san raon ga dhèanamh nas fhasa gus innealan agus goireasan cànain a chruthachadh le nas lugha de ghoireasan ann an ùine nas luaithe. San dòigh seo, tha mòran chànanan beaga a’ gabhail an slighe a-steach don linn dhidseataich le bhith a’ toirt seachad theicneòlasan agus goireasan cànain.
Tha Buidheann-obrach Teicneòlais nan Cànan Ceilteach (CLTW) a’ toirt fòram do luchd-rannsachaidh aig a bheil ùidh ann a bhith a’ leasachadh pròiseachadh cànain nàdarra agus teicneòlasan cànain airson nan cànanan Ceilteach. Leis gu bheil na cànanan Ceilteach gann de ghoireasan, ’s e ar n-amas co-obrachadh agus conaltradh a bhrosnachadh eadar luchd-rannsachaidh a tha ag obair air teicneòlasan cànain agus goireasan airson nan cànanan Ceilteach.
Cuspairean na Bùth-obrach
Cuiridh ar bùth-obrach fàilte air tagraidhean teòiridheach agus practaigeach air cànan Ceilteach sam bith a chuireas ri rannsachadh ann an eadar-theangachadh coimpiutaireach, pròiseachadh cànain fèin-ghluasadach, teicneòlas cànain/cainnt no goireasan airson an aon rud. Chunnacas bho bhùthan-obrach eile gu bheil e feumail dòighean-obrach a cho-roinn agus buannachd fhaighinn bho eòlasan ionnsaichte tro bhith ag obair le goireasan gann san fhòram seo. Brosnaichidh sinn gu sònraichte sgrùdaidhean a bhios a’ dèiligeadh ri cleachdadh practaigeach le mac an duine no gainnead ghoireasan.
Tha bùth-obrach CLTW a’ gabhail a-steach nan cuspairean a leanas, ach chan iad a-mhàin:
- • Goireasan Cànain Ceilteach
- • Co-chòrdadh
- • Seimeantaigs
- • Faclairean digiteach
- • Nòtachadh fo stiùir agus leth-stiùirichte de theacsaichean cànain Ceilteach (m.e. POS agus tagadh morf-eòlais)
- • Oinnsachadh cànain le taic coimpiutaireachd (CALL)
- • Eadar-theangachadh innealta
- • Parsadh / cunntadh
- • Briathrachas agus riochdachadh eòlais
- • Pròiseachadh cainnt / gineadh cainnt
- • Daonnachdan Didseatach Ceilteach (Celtic Digital Humanities)
- • Leasachadh / mion-sgrùdadh chorpasan Ceilteach
- • Bancaireachd chraobhan (tree banks)
- • Dòighean measaidh
- • Ontology-lexica
- • Goireasan dàta ceangailte
- • Sgaoileadh fiosrachaidh
- • Tar-chur ionnsachaidh
- • Modhan tar-chànanach
- • Pròiseasadh airson nan cànanan Ceilteach eachdraidheil
Neach-labhairt le Cuireadh
- • An t-Ollamh Caomhan Scannell (Oilthigh St Louis, na SA)
Cinn-latha cudromach
- • Ceann-latha airson tagraidhean:
8 Giblean15 Giblean 2022 (AoE) - • Fios gabhail ris: 3 Cèitean 2022
- • Ceann-latha deiseil airson camara: 23 Cèitean 2022
Faodaidh pàipearan a bhith 4 (goirid) no 8 duilleagan (fada) a dh’fhaid. Cuir do thagradh a-steach aig: https://www.softconf.com/lrec2022/CLTW2022/. Thèid pàipearan a thaghadh airson an lìbhrigeadh beòil no mar phostairean a rèir an dòigh as freagarraiche airson a’ chuspair. Cha bhi diofar sam bith eatorra a thaobh mar a thèid dèiligeadh riutha anns na h-imeachdan foillsichte. Thoir an aire gu bheil LREC 2022 ag iarraidh tagraidhean pàipeir coileanta (full paper submissions). Barrachd fiosrachaidh aig an portal tagraidh.
Roinn na goireasan cànain agad! Faic https://lrec2022.lrec-conf.org/en/submission2022/share-your-lrs/.
Ullachaidhean airson Lìbhrigeadh Air Loidhne
Ma dh’ fheumar a’ bhùth-obrach a chumail air-loidhne, cleachdaidh an luchd-eagrachaidh Zoom agus nì iad cinnteach gun tèid na seanalan uile a tha rim faighinn (me meadhanan sòisealta agus làraich-lìn institiùideach / liostaichean puist) a chleachdadh gus an tachartas fhoillseachadh. Cleachdaidh sinn an àrainneachd eadar-obrachail www.gather.town airson na seiseanan postair a ruith.
Comataidh a’ Phrògraim
- • Beatrice Alex (Oilthigh Dhùn Èideann)
- • Colin Batchelor (Comann Rìoghail na Ceimigeachd)
- • Ann Foret (Oilthigh Rennes 1)
- • John Judge (ADAPT/Oilthigh Baile Atha Cliath)
- • Teresa Lynn (Oilthigh Baile Atha Cliath)
- • Mark McConville (Oilthigh Ghlaschu)
- • John P. McCrae (Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann, Gaillimh)
- • Marieke Meelen (Oilthigh Chambridge)
- • Ailbhe Ní Chasaide (Colaiste na Trianaid, Baile Atha Cliath)
- • Neasa Ní Chiaráin (Colaiste na Trianaid, Baile Atha Cliath)
- • Brian Ó Raghallaigh (Fiontar/ Oilthigh Baile Atha Cliath)
- • Thierry Poibeau (Laboratoire Lattice, CNRS – École Normale Supérieure, Sorbonne Nouvelle)
- • Kevin Scannell (Oilthigh Saint Louis)
- • Elaine Uí Dhonnchadha (Colaiste na Trianaid, Baile Atha Cliath)
- • Monica Ward (Oilthigh Baile Atha Cliath)
- • Pauline Welby (Laboratoire Parole et Langage (LPL), CNRS – Aix Marseille Université)
- • David Willis (Oilthigh Oxford)
Luchd-eagrachaidh
- • An t-Ollamh Delyth Prys (Oilthigh Bangor, d.prys@bangor.ac.uk)
- • An Dr William Lamb (Oilthigh Dhùn Èideann, w.lamb@ed.ac.uk)
- • Dr Theodorus Fransen (Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann, Gaillimh, theodorus.fransen@nuigalway.ie)