Bùth-obrach teicneòlas nan cànan Ceilteach

(Celtic Language Technology Workshop)

Coimhearsnachd rannsachaidh agus bùthan-obrach a-mach air teicneòlas cànain is cainnte dha nan cànanan Ceilteach


 

** Cliog an seo airson fiosrachadh air Bùth-Obrach Teicneòlas Nan Cànan Ceilteach 4 (CLTW 4), co-shuidhichte le LREC 2022 **

Ro-ràdh

Tha coimhearsnachd agus bùth-obrach CLTW – a chaidh a stèidheachadh aig COLING (Baile Àtha Cliath) ann an 2014 – air fòcas agus fòram a thoirt do luchd-rannsachaidh a tha ag obair ann an pròiseasadh cànain nàdarra (NLP) agus teicneòlasan cànain airson nan cànan Ceilteach. Gu sònraichte, tha iad air rannsachadh a thogail agus a neartachadh le bhith a’ meudachadh conaltradh agus co-obrachadh gu h-eadar-nàiseanta. Tha ùidh aig a’ choimhearsnachd againn ann an teicneòlas cànain airson gach cuid ìrean co-aimsireil agus eachdraidheil de na cànanan Ceilteach.

Anns na h-amannan Clasaigeach, lorgadh cànanan Ceilteach thar Eòraisia gu fad is farsainn. An-diugh, tha iad air am bruidhinn ann an roinnean den Rìoghachd Aonaichte (RA) agus de dh’Èirinn, a bharrachd air a’ Bhreatainn Bhig, san Fhraing. Is iad: Gaeilge, Breatnais, Manannais, Cuimris, Còrnais agus Gàidhlig. Ged a tha an cuid choimhearsnachdan dùthchasach car beag an taca ris a’ mhòr-chuid dhe na cànanan Eòrpach, tha làthaireachd beòthail aca fhathast anns na sgìrean traidiseanta sin agus ann an cuid a dh’àitichean anns na bailtean mòra. Ged is e Gaeilge an aon chànan Ceilteach aig a bheil inbhe cànain oifigeil san Roinn Eòrpa (bho 2007), tha inbhe co-oifigeil aig a’ Chuimris, a’ Ghàidhlig agus Manannais. Tha beagan inbhe cuibhrichte aig Breatnais agus Còrnais anns na sgìrean dùthchasach acasan. Ge tà, tha a h-uile cànan Ceilteach car coltach a thaobh dìth ghoireasan NLP: tha sinn a’ strì gus dèanamh cinnteach gum bi taic airson teicneòlas-cànain maireannach san àm ri teachd.

Ged a tha na cànanan Ceilteach car coltach ri mion-chànanan eile ann an cuid a dhòighean, leithid an t-suidheachaidh shòisio-chànanaich aca, tha feartan cànanach sònraichte aca le chèile (m.e. òrdugh fhaclan VSO, sèimheachadh agus morf-eòlas car iom-fhillte). Tha na feartan sin aig amannan a’ togail dhùbhlan sònraichte a thaobh leasachadh innealan NLP làidir. Le bhith a’ tional luchd-rannsachaidh bho na cànanan Ceilteach uile, tha CLTW ag amas air eòlas agus dòighean-obrach a sgaoileadh a chùm na duilgheadasan sin fhuasgladh.

Cùl-fhiosrachadh agus co-obrachadh

Tha co-obrachadh eadar an RA agus Èireann ann an raon theicneòlasan cànain Ceilteach a’ dol air ais gu 2004, nuair a chaidh Oilthigh Bangor, Colaiste na Trianaid, UCD agus DCU ann an com-pàirteachas-rannsachaidh – Goireasan Pròiseas Cainnt Cuimreach is Èireannach (WISPR). Chaidh an co-obrachadh seo a shìneadh gu NUIG an dèidh sin, le bhith a’ stèidheachadh Buidheann Teicneòlas nan Cànan Ceilteach ann an 2014. Tha a’ bhuidheann seo a-nis air amasan ann an teicneòlasan cànain a leudachadh gu gach cànan Ceilteach an latha-an-diugh. Chùm sinn trì bùthan-obrach soirbheachail gu ruige seo agus chaidh gnothaichean (proceedings) cliùiteach a chur an clò, aon dhiubh ceangailte ri COLING ann an 2014, aon ri TALN ann an 2016, agus aon ri Comann Eòrpach airson Eadar-theangachadh Innealan ann an 2019 (faic Bùthan-obrach).

Chaidh deasbad cruinn a chumail aig a’ Chòmhdhail Cheilteach aig Oilthigh Bangor cuideachd, ann an 2019, gus meòrachadh air tuilleadh co-obrachaidh eadar na cànanan Ceilteach san raon Teicneòlas Cainnte. Chuir co-dhùnaidhean a’ Bhùird an cèill a’ mhiann airson co-obrachadh nas dlùithe a chur air dòigh: “Gu h-aonar, tha na coimhearsnachdan cànain againn gu math beag, agus tha a bhith a’ tighinn còmhla gar cuideachadh le bhith a’ faighinn critical mass airson a bhith a’ leasachadh phròiseactan rannsachaidh agus a’ toirt taic dha chèile.” Faic an seo airson clàr slàn dhen deasbad.

Bùthan-obrach

Bidh an ceathramh cuibhreann san t-sreath, Bùth-Obrach Teicneòlas Nan Cànan Ceilteach, a’ tachair aig LREC 2022 ann am Marseille, san Fhraing. Tha CLTW air trì bùthan-obrach soirbheachail a chumail roimhe. Is iad:

  • • Baile Àtha Cliath, Èirinn 2019, co-shuidhichte le MT Summit XVII (làrach-lìnimeachdan)
  • • Paris, An Fhraing 2016, mar phàirt den 6mh co-labhairt JEP-TALN-RECITAL 2016 (imeachdan)
  • • Baile Àtha Cliath, Èirinn 2014, co-shuidhichte leis an 25mh Co-labhairt Eadar-nàiseanta air Cànanachas Coimpiutaireachd (COLING) (làrach-lìnimeachdan)

Rach an sàs anns a’ choimhearsnachd againn

Bidh sinn an-còmhnaidh a’ cur fàilte bhlàth air buill ùra. Gabh pàirt anns a’ choimhearsnachd againn le bhith a’ cuir d’ ainm a-steach chun na buidhinn Google againn agus chun a’ liosta phuist againn, aig celtic-language-technology@googlegroups.com.