An Ceathramh Bùth-obrach Teicneòlas Cànain Cheiltich

Air a cho-shuidheachadh le LREC 2022 ann am Marseille, san Fhraing


Tuairisgeul

Tha innleachdan rannsachaidh Teicneòlas Cànain agus Cànanachas Coimpiutaireachd anns na bliadhnachan mu dheireadh air tòrr innealan agus goireasan coimpiutaireachd ùr-nodha a thoirt dhuinn airson iomadach cànan. Bidh innealan cànain bunaiteach (m.e. dearbhadairean litreachaidh is gràmair) am measg shiostaman eadar-ghnìomhach (m.e. Siri), a bharrachd air goireasan mar chorpasan mòra, uile a’ tighinn còmhla gus toraidhean agus seirbheisean a thoirt gu buil a chuireas ri ar beatha làitheil.

Gus o chionn ghoirid, cha mhòr nach robh cànanan leithid cànanan Ceilteach, le àireamhan nas lugha de luchd-labhairt, air buannachd fhaighinn bho aire san raon seo. Ach, tha dòighean ùra san raon ga dhèanamh nas fhasa gus innealan agus goireasan cànain a chruthachadh le nas lugha de ghoireasan ann an ùine nas luaithe. San dòigh seo, tha mòran chànanan beaga a’ gabhail an slighe a-steach don linn dhidseataich le bhith a’ toirt seachad theicneòlasan agus goireasan cànain.

Tha Buidheann-obrach Teicneòlais nan Cànan Ceilteach (CLTW) a’ toirt fòram do luchd-rannsachaidh aig a bheil ùidh ann a bhith a’ leasachadh pròiseachadh cànain nàdarra agus teicneòlasan cànain airson nan cànanan Ceilteach. Leis gu bheil na cànanan Ceilteach gann de ghoireasan, ’s e ar n-amas co-obrachadh agus conaltradh a bhrosnachadh eadar luchd-rannsachaidh a tha ag obair air teicneòlasan cànain agus goireasan airson nan cànanan Ceilteach.

Cuspairean na Bùth-obrach

Cuiridh ar bùth-obrach fàilte air tagraidhean teòiridheach agus practaigeach air cànan Ceilteach sam bith a chuireas ri rannsachadh ann an eadar-theangachadh coimpiutaireach, pròiseachadh cànain fèin-ghluasadach, teicneòlas cànain/cainnt no goireasan airson an aon rud. Chunnacas bho bhùthan-obrach eile gu bheil e feumail dòighean-obrach a cho-roinn agus buannachd fhaighinn bho eòlasan ionnsaichte tro bhith ag obair le goireasan gann san fhòram seo. Brosnaichidh sinn gu sònraichte sgrùdaidhean a bhios a’ dèiligeadh ri cleachdadh practaigeach le mac an duine no gainnead ghoireasan.

Tha bùth-obrach CLTW a’ gabhail a-steach nan cuspairean a leanas, ach chan iad a-mhàin:

  • • Goireasan Cànain Ceilteach
  • • Co-chòrdadh
  • • Seimeantaigs
  • • Faclairean digiteach
  • • Nòtachadh fo stiùir agus leth-stiùirichte de theacsaichean cànain Ceilteach (m.e. POS agus tagadh morf-eòlais)
  • • Oinnsachadh cànain le taic coimpiutaireachd (CALL)
  • • Eadar-theangachadh innealta
  • • Parsadh / cunntadh
  • • Briathrachas agus riochdachadh eòlais
  • • Pròiseachadh cainnt / gineadh cainnt
  • • Daonnachdan Didseatach Ceilteach (Celtic Digital Humanities)
  • • Leasachadh / mion-sgrùdadh chorpasan Ceilteach
  • • Bancaireachd chraobhan (tree banks)
  • • Dòighean measaidh
  • Ontology-lexica
  • • Goireasan dàta ceangailte
  • • Sgaoileadh fiosrachaidh
  • • Tar-chur ionnsachaidh
  • • Modhan tar-chànanach
  • • Pròiseasadh airson nan cànanan Ceilteach eachdraidheil

Neach-labhairt le Cuireadh

  • • An t-Ollamh Caomhan Scannell (Oilthigh St Louis, na SA)

Cinn-latha cudromach

  • • Ceann-latha airson tagraidhean: 8 Giblean 15 Giblean 2022 (AoE)
  • • Fios gabhail ris: 3 Cèitean 2022
  • • Ceann-latha deiseil airson camara: 23 Cèitean 2022

Faodaidh pàipearan a bhith 4 (goirid) no 8 duilleagan (fada) a dh’fhaid. Cuir do thagradh a-steach aig: https://www.softconf.com/lrec2022/CLTW2022/. Thèid pàipearan a thaghadh airson an lìbhrigeadh beòil no mar phostairean a rèir an dòigh as freagarraiche airson a’ chuspair. Cha bhi diofar sam bith eatorra a thaobh mar a thèid dèiligeadh riutha anns na h-imeachdan foillsichte. Thoir an aire gu bheil LREC 2022 ag iarraidh tagraidhean pàipeir coileanta (full paper submissions). Barrachd fiosrachaidh aig an portal tagraidh.

Roinn na goireasan cànain agad! Faic https://lrec2022.lrec-conf.org/en/submission2022/share-your-lrs/.

Ullachaidhean airson Lìbhrigeadh Air Loidhne

Ma dh’ fheumar a’ bhùth-obrach a chumail air-loidhne, cleachdaidh an luchd-eagrachaidh Zoom agus nì iad cinnteach gun tèid na seanalan uile a tha rim faighinn (me meadhanan sòisealta agus làraich-lìn institiùideach / liostaichean puist) a chleachdadh gus an tachartas fhoillseachadh. Cleachdaidh sinn an àrainneachd eadar-obrachail www.gather.town airson na seiseanan postair a ruith.

Comataidh a’ Phrògraim

  • • Beatrice Alex (Oilthigh Dhùn Èideann)
  • • Colin Batchelor (Comann Rìoghail na Ceimigeachd)
  • • Ann Foret (Oilthigh Rennes 1)
  • • John Judge (ADAPT/Oilthigh Baile Atha Cliath)
  • • Teresa Lynn (Oilthigh Baile Atha Cliath)
  • • Mark McConville (Oilthigh Ghlaschu)
  • • John P. McCrae (Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann, Gaillimh)
  • • Marieke Meelen (Oilthigh Chambridge)
  • • Ailbhe Ní Chasaide (Colaiste na Trianaid, Baile Atha Cliath)
  • • Neasa Ní Chiaráin (Colaiste na Trianaid, Baile Atha Cliath)
  • • Brian Ó Raghallaigh (Fiontar/ Oilthigh Baile Atha Cliath)
  • • Thierry Poibeau (Laboratoire Lattice, CNRS – École Normale Supérieure, Sorbonne Nouvelle)
  • • Kevin Scannell (Oilthigh Saint Louis)
  • • Elaine Uí Dhonnchadha (Colaiste na Trianaid, Baile Atha Cliath)
  • • Monica Ward (Oilthigh Baile Atha Cliath)
  • • Pauline Welby (Laboratoire Parole et Langage (LPL), CNRS – Aix Marseille Université)
  • • David Willis (Oilthigh Oxford)

Luchd-eagrachaidh